BBC Home
Commissioning BBC Homepage » Commissioning BBC Vision Nations & Regions TV Commissioning BBC Scotland BBC Alba (English) BBC Alba (Gaelic) BBC Wales (English) BBC Cymru (Cymraeg) BBC N Ireland English Regions Delivery BBC Scotland/Alba BBC Wales/Cymru Terms of Business Credit Guidelines Branding & Logos Other TV Services Audio & Music Local Radio Future Media Audience Info Contacts Questions
BBC Alba (BBC Craoladh nan Gaidheal) Clàr - Channel Schedule BBC Alba
Clàr - Channel Schedule
BBC Alba
Tha BBC Craoladh nan Gŕidheal a’ frithealadh seirbheisean air rčidio, telebhisean agus air an eadar-lěon. Word documents to download A LBA Stiùireadh (61 Kb)
Word documents to download
Tha seirbheis BBC ALBA air a ruith fo chead-craolaidh a’ BhBC agus air a riaghladh le MG ALBA agus leis a’ BhBC.
Cuairt Coimiseanaidh Geamhradh – 2009/10 Ceann-ama airson beachdan phrògraman – 8 Faoilleach, 2010 aig 1f. Ceann-ama airson co-dhùnaidhean co-bhanntachd MG ALBA/BBC –29 Faoilleach, 2010. Bidh sinn airson gun tèid programan an libhrigeadh bhon Lùnastal 2010 agus nas fhaide air adhart ach dh’fhaodadh e bhith gum bi e nas tràithe cuideachd. Thèid gabhail ri tagraidhean airson ath-choimiseanadh de phrògraman neo sreathan cuideachd. Dh’fhaodadh buidseatan eileamaid co- mhaoineachaidh a thoirt a-steach, ach chan ann bho chraoladair farpaiseach. LEIRMHEAS A’ CHLÀR PHRÒGRAMAN. San fharsaingeachd, tha trì beàrnan sònraichte aig BBC ALBA gach latha seachdaineach:
8:30 f – prògraman leth uair a thìde a tha ag amas a mhàin air coimhearsnachdan Ghàidhlig agus an cuid ùidhean 9:00 f – prògraman uair a thìde, an da chuid aithriseach agus cur-seachad a tha ag amas air luchd-amhairc nàiseanta (aois 40 +) 10:00 f – prògraman leth uair a thìde, gu h-àraidh cur-seachad, ag amas air, gu nàiseanta, luchd-amhairc nas òige. Tha a chuairt coimiseanaidh seo ag amas air prògraman airson na beàrnan shònraichte seo ach cuideachd a’ cuir fàilte air tagraidhean airson prògraman chloinne agus prògraman comharraichte, àrd-shuidheachail.
BEACHDAN MU PHRÒGRAMAN. Bu chòir do thagraidhean ainmeachadh dè am prògram air a bheil iad ag amas sa chuairt seo. Bu chòir geàrr-chunntas cruthachail , goirid, le fiosrachadh mu thàlantan air beulaibh is air cùl camara agus buidseat a bhith an cois gach tagradh. Cha bu chòir dhan tagradh a bhith nas fhaide na aon duilleag A4 airson gach prògram. Faodar cothrom a thoirt leudachadh air na geàrr-chunntasan sin tro agallamhan leis na tagraichean. 1. Am prògram: Sgeulachdan làidir brosnachail mu shòisealtas Albannach an latha an-diugh no sgeulachdan eadar-nàiseanta a thogadh ùidh luchd-amais Albannach. A’ chiad shliotan craolaidh: Latha seachdaineach, 9f. Cruth: prògraman aithriseach de 58-59 mhionaidean a dh’fhaid. Luchd-amais: Coitcheann, ach gu sònraichte boireannaich. 2. Am prògram: Cur-seachad, ceòl, dòigh-beatha neo programan aithriseach A’ chiad shliotan craolaidh: Caochladh. Cruth: Sreath de 2-6 phrògraman aig 58-59 mhionaidean neo 29 mionaidean a dh’fhaid an urra. Luchd-amais: Coitcheann
3. Am prògram: Prògraman comharraichte, àrd-shuidheachail a tha ag amas air buaidh mhòr air luchd coimhead is/no luchd-breithnichidh telebhisein A’ chiad shliotan craolaidh: Caochladh. Cruth: prògraman singilte, gu taghte de co-dhiù 58 mhionaidean, ach thèid beachdachadh air dràma no beachdan beothantachd nas giorra cuideachd. Luchd-amais: Caochladh – bu choir dhan riochdaire seo a dhaingneachadh.
4. Am prògram: Prògraman anns am bi ùidh shònraichte no ionadail dha coimhearsnachdan na Gàidhlig A’ chiad shliotan craolaidh: Caochladh. Cruth: Sreath de co-dhiù 5 phrògram aig 29 mhionaidean a dh’fhaid an urra. Luchd-amais: Coimhearsnachdan Gàidhlig, a gabhail a-staigh clann.
Dreach chinn-latha airson Cuairtean Coimiseanaidh eile. Tha MG ALBA agus am BBC a’ sùileachadh gum bi dà chuairt coimiseanaidh eile ann an 2010. Cuairt Coimiseanaidh Samhraidh – 2010. Dreach ceann-ama airson beachdan phrògraman – 20 Cèitean, 2010 aig 1f. Dreach ceann-ama airson co-dhùnaidhean bho cho-bhanntachd MG ALBA/BBC – 18 Òg Mhios, 2010. Cuairt Coimiseanaidh Geamhraidh 2010/11. Dreach ceann-ama airson beachdan phrògraman – 5 Faoilleach, 2011 aig 1f. Dreach ceann-ama airson co-dhùnaidhean bho cho-bhanntachd MG ALBA/BBC – 28 Faoilleach, 2011.
Bidh cunntas air na cuairtean coimiseanaidh sin air am foillseachadh nas fhaisge air na dreachd chinn-latha sin. Gabhaidh co-bhanntachd MG ALBA/BBC beachdan airson prògraman a tha co-cheangailte ri ceann-latha sònraichte eadar na cuairtean àbhaisteach aig àm sam bith agus feuchar ri na co-dhùnaidhean coimiseanaidh a thilleadh cho luath ’s a ghabhas.
Bu choir ceistean mu nì sam bith anns a’ chuairt coimiseanaidh seo a chur gu Fiona NicChoinnich, aig fiona.mackenzie@mgalba.com .
Duilleag air ùrachadh air 12.10.09 About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy Explore the BBC
Change Text Only Settings
Graphic version of this page